Làithean na Pàrlamaid gu bhith a’ siubhal air feadh na h-Alba

18.11.2014

Tha an ath shreath de Làithean na Pàrlamaid gu bhith a' tachairt ann an trì àiteachan a bharrachd air feadh Alba, chaidh ainmeachadh. Bidh na h-àiteachan seo a' toirt fàilte do Phàrlamaid na h-Alba thairis air na mìosan ri teachd.

Tha Làtha na Pàrlamaid ag amas air a’ Phàrlamaid a thoirt a-mach à Dùn Èideann agus a-steach do choimhearsnachdan mu thimcheall Alba, a’ toirt misneachd do dhaoine ann an coimhearsnachdan ùidh a thoirt anns a’ Phàrlamaid agus a bhith an sàs anns an obair a th’ aice.

B’ e an t-Oifigear Riaghlaidh, am Fìor Urr. Tricia Marwick BPA, a thòisich Làithean na Pàrlamaid ann an 2012 agus tha i airson fòcas fiù ’s nas motha a bhith air bruidhinn ri daoine air feadh Alba, le taic bho bharrachd Làithean na Pàrlamaid. 

Thuirt an t-Oifigear Riaghlaidh gum bi i a’ gabhail pàirt anns na tachartasan a leanas:

 Latha na Pàrlamaid ann an Inbhir Lìobhann air Diluain 8 Dùbhlachd 2014 còmhla ri Comataidh Tiomnadh Chumhachdan (A Bharrachd) do dh’Alba. 

  • Latha na Pàrlamaid ann an Dùn Phris air Diluain 23 Gearran 2015 còmhla ri Comataidh Athchuingean Poblach. 
  • Latha na Pàrlamaid ann an Kirkwall air Diluain 8 Ògmhios 2015 còmhla ri Comataidh Cùisean Dùthchail, Atharrachadh Clìomaid agus na h-Àrainneachd. 

Mus tòisich Latha na Pàrlamaid anns a’ Ghearasdan, a’ tachairt an ath sheachdain (Diluain 24 Samhain), thuirt an t-Oifigear Riaghlaidh: 

 “ ’S ann aig muinntir na h-Alba gu lèir a tha a’ Phàrlamaid, agus ’s ann air an adhbhar sin a tha sinn a-nis a’ dèanamh tadhal air coimhearsnachdan leithid Inbhir Lìobhann ann am Fiobha a bharrachd air àiteachan a tha nas fhaide air falbh, leithid Kirkwall agus Dùn Phris.” 

“Tha fhios againn gu bheil muinntir na h-Alba ag iarraidh a bhith an sàs anns a’ phròiseas phoilitigeach agus mar sin tha mi airson gum bi a’ Phàrlamaid a’ faighinn a-mach agus mu thimcheall Alba fiù ’s nas trice.” 

Tha Latha na Pàrlamaid a’ toirt fiathachadh do dhaoine a bhith a’ faicinn na Pàrlamaid air an son fhèin, co-dhiù ge be an lùib “ghnothaichean oifigeil” no aig ìre nas neo-fhoirmeil. Tha seo a’ cuideachadh na Pàrlamaid a bhith ag èisteachd ri daoine ionadail. 

Thuirt a’ Bh. ph. Marwick: 

“Seo cothrom do dhaoine a bhith a’ faighinn a-mach barrachd fiosrachaidh mu dheidhinn na Pàrlamaid agus airson Buill na Pàrlamaid a bhith a’ faighinn barrachd fiosrachaidh mu dheidhinn nan cùisean a tha cudromach do dhaoine.”

Fhad ’s a bhios gach Latha na Pàrlamaid eadar-dhealaichte a rèir na coimhearsnachd a bhios a’ toirt fàilte dhith, is tric gum bi tachartasan leithid: a’ tadhal air buidhnean ionadail, gnìomhachasan is buidhnean eile; coinneamhan poblach nan comataidhean; agus gum bi BPA a’ tadhal air sgoiltean ionadail. 

Foillsichear barrachd fiosrachadh air Làithean na Pàrlamaid ann an ùine ri tighinn agus bidh seo air a cur an cèill gu h-ionadail, leis an amas a bhith a’ dèanamh cinnteach gum bi fios aig na h-uiread ’s a ghabhas gu bheil Latha na Pàrlamaid a’ tachairt anns an sgìre aca. 

Cùl-fhiosrachadh 

Làithean na Pàrlamaid gu ruige seo:

24 Gearran 2014 - Dùn Breatann

4 Samhain 2013 - Obar Bhrothaig

21 Ògmhios 2013 - Sruighlea

15 Màrt 2013 - Steòrnabhagh

5 Samhain 2012 - Hawick 

Airson barrachd fiosrachaidh, tadhail air www.scottish.parliament.uk/parliamentdays 

Faodaidh tu a bhith gar leantail air Twitter cuideachd @scotparl agus @TrishaMarwickPO

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.