Comataidh bho Thaigh an Roid ag iarraidh dèiligeadh ri targaidean a thaobh atharrachadh clìomaid nach deach a choileanadh mar chùis a dh’fheumas deifir

30.11.2014

Tha Comataidh Chùisean Dùthchail, Atharrachadh Clìomaid agus na h-Àrainneachd (RACCE) aig Pàrlamaid na h-Alba ag iarraidh gun tèid oidhirp a dhèanamh san aithghearrachd gus dèanamh cinnteach gun tèid targaidean a thaobh atharrachadh clìomaid a choileanadh san àm ri teachd.

Ann an litir seachd-duilleagan chun a’ Mhinisteir ùir airson na h-Àrainneachd, Atharrachadh Clìomaid agus Ath-leasachadh Fearainn, Aileen NicLeòid BPA, tha a’ Chomataidh a’ cur an cèill prìomh phuingean, nam measg: 

  • Cha bu chòir na targaidean bliadhnail a chaidh a stèidheachadh fo Achd Atharrachadh Clìomaid (Alba) 2009 a lùghdachadh no atharrachadh, oir bheireadh sin teachdaireachd dhomhanta (global) cheàrr do dhaoine. 
  • Feumar dèiligeadh gu luath ri mar nach eilear a’ dèanamh oidhirp gu leòr a thaobh àiteachas, agus tha a’ Chomataidh a’ moladh gum bu chòir don Riaghaltas beachdachadh air modhan do-sheachanta (mandatory) a chur an sàs gus carbon a lùghdachadh mus tèid ath-sgrùdadh ann am meadhan an teirm a dhèanamh air Poileasaidh Coitcheann Àiteachas (CAP) ann an 2017. 
  • Tha a’ Chomataidh a’ moladh gum bu chòir do Riaghaltas na h-Alba beachdachadh gu faiceallach air dè na cumhachdan is uallaichean, a thaobh atharrachadh clìomaid, a ghabhadh a thiomnadh bhon RA gu Alba mar phàirt de na beachdachaidhean a tha gan cumail an-dràsta. 
  •  Ri linn nan dùbhlan mòra a tha romhainn gus dèiligeadh ris na seann thaighean a tha nas dorra a theasachadh agus nas dorra a chur air dòigh gu ìre fhreagarrach, agus ri linn bochdainn air an dùthaich agus bochdainn chonnaidh (fuel poverty), tha a’ Chomataidh ag iarraidh air an Riaghaltas innse dè na nithean sònraichte a tha iad an dùil a dhèanamh. 

Thuirt Neach-gairm na Comataidh, Rob Gibson BPA:

“Tha an reachdas, ris an do dh’aontaich Pàrlamaid na h-Alba a’ cur an cèill gealltanas Alba na sgaoilidhean carbon aice a lùghdachadh na h-uiread ’s 80% co-dhiù ro 2050 agus tha an gealltanas sin cho math ri gin a th’ aig dùthaich sam bith eile air an t-saoghal. 

“Ge-tà, feumar na chaidh a ghealltainn a chur an gnìomh. Tha an t-àm againn a-nis crathadh a thoirt air na dòighean-smaoineachaidh is dòighean-giùlain a th’ aig daoine sna roinnean der comann-sòisealta nach eil a’ dèanamh gu leòr, an dà chuid san roinn phrìobhaidich agus san roinn phoblaich. 

“Aig ìre phoilitigeach, feumaidh sinn dèanamh cinnteach nach e dìreach briathran a th’ ann an abairtean mar ‘tha a h-uile Ministear na M(h)inistear atharrachadh clìomaid’ agus ‘tha a h-uile comataidh na comataidh atharrachadh clìomaid’, feumaidh sinn dèanamh cinnteach gun tuig daoine t-uallach a th’ orra agus gun dèan iad rudeigin mu dheidhinn. 

“Ach chan urrainn don Riaghaltas dòighean-smaoineachaidh is dòighean-giùlain atharrachadh anns gach earrainn der comann-sòisealta leis fhèin. 

“Feumaidh sinn taic a thoirt don fheadhainn nach eil a’ dèanamh oidhirp gu leòr feuch an cuidich iad gus dèanamh cinnteach gum bi Alba mar shamhla do chàch, agus feumaidh sinn am brosnachadh gu bhith dol an sàs sa chùis agus a’ dol am feabhas.” 

Cùl-fhiosrachadh

Chithear an litir don Mhinistear Ùr aig Pàrlamaid na h-Alba airson na h-Àrainneachd, Atharrachadh Clìomaid agus Ath-leasachadh Fearainn, Aileen NicLeòid BPA le bhith briogadh air a’ cheangal seo:  

http://www.scottish.parliament.uk/S4_RuralAffairsClimateChangeandEnvironmentCommittee/General%20Documents/2014.11.26_-_Convener_to_Minister_climate_change.pdf  

Bidh Comataidh Chùisean Dùthchail, Atharrachadh Clìomaid agus na h-Àrainneachd (RACCE) a’ sgrùdadh mholaidhean airson poileasaidhean a bhuineas ri cùisean dùthchail, atharrachadh clìomaid agus an àrainneachd. Thig iad gu co-dhùnadh às dèidh dhaibh farsaingeachd fianais a ghabhail bho, agus às dèidh dhaibh bruidhinn ri, taghadh farsaing de luchd-ùidhe a tha gu dlùth an sàs sa chùis, agus nì iad sgrùdadh ùghdarrasach, fiosrach, èifeachdach agus buadhach air poileasaidhean. 

Gheibhear dealbhan den Chomataidh agus den Neach-gairm an-asgaidh. 

Fiosrachadh do na Meadhanan

Cat Synnot: 0131 348 5605

Faodar fònadh thuice le Text Relay

cat.synnot@scottish.parliament.uk

Fiosrachadh Comataidh:

Nick Hawthorne: 0131 348 5242

Faodar fònadh thuige le Text Relay

nick.hawthorne@scottish.parliament.uk

 Fiosrachadh don Phoball

Fòn: 0800 092 7500

Faodaidh daoine aig a bheil Textphone fònadh thugainn air 0800 092 7100

Tha sinn cuideachd a’ cur fàilte air daoine a bhith fònadh tron t-seirbheis Text Relay

Brath teacsa gu: 07786 209888

sp.info@scottish.parliament.uk

Faodaidh tu cuideachd ar leantainn air twitter @scotparl

Faodaidh tu sùil a chumail air Comataidh Chùisean Dùthchail, Atharrachadh Clìomaid agus na h-Àrainneachd air twitter cuideachd @SP_RuralClimate

Cuir ‘Like’ ri ar duilleig air Facebook far am faigh thu fios air naidheachdan is tachartasan no faigh barrachd fiosrachaidh air YouTube  

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.