30.04.2015
Chaidh aithisg phàrlamaideach fhoillseachadh an-diugh leis a’ Chomataidh Slàinte is Spòrs a tha a’ sgrùdadh mholaidhean airson a dhèanamh laghail daoine a chuideachadh ann a bhith a’ cur làmh nam beatha fhèin.
29.04.2015
Chaidh gairm a-mach an-diugh bhon Chomataidh Slàinte is Spòrs airson bheachdan air reachdas a stèidhicheas gur e eucoir a th’ ann do dh’inbhich a bhith a’ smocadh ann an carbad rathaid sa bheil leanabh.
27.04.2015
Chaidh ceum eile a ghabhail an-diugh gu ruige modhan reachdail ùra a tharraingeas aire dhaoine gu BSL agus a bhrosnaicheas iad gu bhith ga cleachdadh
24.04.2015
An-diugh, tha Comataidh a’ Cheartais a’ toirt taic do phrionnsabail choitcheann a’ Bhile, a tha ag amas air an lagh eucorach a neartachadh an aghaidh trafaigeachd is gabhail-brath dhaoine
23.04.2015
Ciamar a tha coimhearsnachd iomallach a’ toirt cuideachadh do dhaoine a tha aonaranach agus leotha fhèin? ’Se sin a’ cheist air am bi Comataidh Co-ionnanachd Chothroman Pàrlamaid na h-Alba a’ beachdachadh air anns an sgrùdadh aice.
19.04.2015
An dèidh caochladh Tom McCabe, a bha roimhe na Bhall Pàrlamaid na h-Alba airson a’ Phàrtaidh Làbaraich agus a bha uair na Mhinistear, thuirt an t-Oifigear Riaghlaidh an Fhìor Urr. Tricia Marwick BPA
09.04.2015
Bidh Oifigear Riaghlaidh Pàrlamaid na h-Alba, Am Ball Urramach Tricia Marwick, aig ceann buidheann-riochdachaidh de BhPAan 's iad an sàs ann an sreath ghnothaichean ri linn Seachdain na h-Alba 2015 bho an-diugh air adhart.
07.04.2015
Tha SPCB air suidheachadh dithis oifigearan ùra a chur an cèill an dèidh eacarsaich fhosgailte fastaidh.
02.04.2015
Ghabh an t-Oifigear Riaghlaidh, an Fhìor Urramach Tricia Marwick BPA, an duais às leth Pàrlamaid na h-Alba bho Jenny Paterson, Stiùiriche a’ Chomainn Uathachais Nàiseanta (Alba), ann an Taigh an Ròid
01.04.2015
Dè na leasachaidhean a bheir reachdas ùr air cosnadh foghlaim ? Seo dìreach aon de na ceistean a tha ga cur le Comataidh Foghlam is Cultar aig Pàrlamaid na h-Alba