30.04.2015
Chaidh aithisg phàrlamaideach fhoillseachadh an-diugh leis a’ Chomataidh Slàinte is Spòrs a tha a’ sgrùdadh mholaidhean airson a dhèanamh laghail daoine a chuideachadh ann a bhith a’ cur làmh nam beatha fhèin.
Thuirt Leas-neach-gairm na Comataidh, Bob Doris BPA:
“An toiseach, tha a’ Chomataidh airson comharradh gur e deagh ghean a bhrosnaich Pàdraig Harvie BPA gus an reachdas seo a thoirt seo air adhart.
“Ged a tha sinn mothachail air na cùisean toinnte moralta agus laghail a thàinig am bàrr nuair a bha sinn ris a’ mhion-sgrùdadh againn, bha e cudromach gun robh sinn ag èisteachd, a’ deasbad agus a’ cluinntinn an iomadh beachd dìoghrasach air dà thaobh na ceiste seo.
“Tha a’ Chomataidh a’ tuigsinn, tron obair a rinn iad, gu bheil buaidh anabarrach pearsanta air an reachdas a tha ga mholadh air beatha cuid a dhaoine agus tha sinn a’ toirt taing don fheadhainn a dh’inns an sgeulachd fhèin dhuinn.
“B’ e amas na Comataidh fiosrachadh a chur ris an deasbad agus cha b’ e buaidh a thoirt air co-dhùnadh oir ’s e cùis cogais a tha an sin don Phàrlamaid nuair a bhòtas iad nas fhaide sa mhìos.
“Ach, tha a’ Chomataidh air aontachadh gu feum atharrachadh mòr a dhèanamh air a’ Bhile ma thèid e fo sgrùdadh pàrlamaideach.”
Anns an aithisg ìre a h-aon aca den Bhile Cuideachadh le Fèin-mharbhadh (Alba), tha iad air tighinn gu na co-dhùnaidhean a leanas:
- Tha a’ Chomataidh a’ comharradh deagh ghean a’ Bhuill a tha a’ stiùireadh a’ Bhile agus mothachail air a’ ghrunn chùisean moralta is modhanail a tha an lùib a bhith a’ beachdachadh air a’ Bhile seo.
- Tha a’ Chomataidh mothachail air na beachdan làidir a chuir daoine air dà thaobh na cùise an cèill nuair a thug iad fianais seachad a’ cur taic ri no an aghaidh prionnsapalan farsaing a’ Bhile. Tha a’ Chomataidh a’ moladh gun toir a’ Phàrlamaid urram don h-uile beachd seo nuair a tha iad a’ tighinn gu co-dhùnadh Ìre 1.
- Tha a’ Chomataidh den bheachd gu bheil grunn lochdan mòra sa Bhile a tha a’ cur cnap-starra susbainteach san t-slighe air adhart. Chan eil a’ mhòr-chuid den Chomataidh ag aontachadh ri prionnsapalan farsaing a’ Bhile ach, a chionn gur e cùis-chogais a th’ ann an cuideachadh le fèin-mharbhadh, chan eil iad a’ dèanamh moladh foirmeil don Phàrlamaid ma dheidhinn.
Tha fianais agus anailis ann an aithisg na Comataidh air na cùisean a leanas: cuideachadh le fèin-mharbhadh agus an lagh a th’ ann an-dràsta; tròcair agus am feum co-fhaireachdainn a nochdadh do dh’èiginn dhaoine eile; urram a thoirt do chòir dhaoine a bhith a’ stiùireadh am beatha fhèin; cuideachadh le fèin-mharbhadh agus gnothaichean eile a bhuineas ri deireadh beatha ann an cùram slàinte; prìomh chumhaichean nach eil air am mìneachadh sa Bhile, comas inntinn, àite nam proifeiseantaich cùraim-slàinte, dìon cogais, àite an neach-cuideachaidh barrantaichte agus roi-innleachd airson fèin-mharbhadh a bhacadh.
Cùl-fhiosrachadh
Ghabhadh beachdan sgrìobhte còrr is 800 neach is buidheann nuair a rinn a’ Chomataidh an aithisg. Thug còrr is 30 neach is buidheann fianais labhairteach seachad nuair a rinneadh an sgrùdadh air a’ ghnothach.
Tha a’ Chomataidh Slàinte is Spòrs a-nis air cunntas a thoirt seachad air a’ Bhile agus tha an t-àm ann don làn Phàrlamaid deasbad a dhèanamh air na prionnsapalan farsaing le aire air aithisg na Comataidh. Co-dhùinidh a’ Phàrlamaid an gabh iad ri prionnsapalan farsaing a’ Bhile. Bu chòir don deasbad tachairt ro cheann-latha Ire 1 air 29 Cèitean.