Sultain

Comataidh a’ toirt sùil air na nì am BBC do dh’Alba san àm ri teachd

28.09.2015

Dè cho math agus as tha am BBC a’ frithealadh air Alba agus luchd-amhairc ann an Alba?

Feumar sùil leantainneach a chumail air na thachras nuair a thèid colaistean a chur còmhla

28.09.2015

Tha Comataidh aig Pàrlamaid na h-Alba air fhoillseachadh an-diugh gu bheil dùbhlain air èirigh an lùib na h-obrach gus colaistean ann an Alba a chur còmhla.

Comataidh aig Taigh an Ròid a' tighinn gu Crìochan na h-Alba

25.09.2015

Thig ceist an fhearainn ann an Alba fon phrosbaig gu h-ionadail nuair a choinnicheas Comataidh phàrlamaideach Albannach ri tuathanaich-màil, riochdairean Roxburghe Estates agus riochdairean bho Lìonra Fèidh Machraichean na h-Alba.

Comataidh a’ toirt a taic do chasg air smocadh ann an carbadan

24.09.2015

Thug Comataidh Slàinte is Spòrs aig Pàrlamaid na h-Alba a taic do reachdas a bheireadh a-steach casg air smocadh ann an carbadan nuair a tha daoine fo 18 sa charbad.

Fiosrachadh air cosgaisean nam Ball 2014/15 air fhoillseachadh

24.09.2015

Tha fiosrachadh làithreach air cosgaisean pàrlamaideach nam BPA uile air fhoillseachadh an-diugh air an eadar-lìn.

Pàrlamaid na h-Alba a’ tadhal air Inbhir Chluaidh

23.09.2015

Thèid tachartas coimhearsnachd a chumail ann an Grianaig air 5 Dàmhair gus cothrom a thoirt do dhaoine a tha a’ fuireach agus ag obair ann an sgìre Inbhir Chluaidh bruidhinn ri BPA.

Cus sgoilearan le duilgheadasan fradhairc is claisneachd fhathast a’ fulang anacothrom

23.09.2015

Tha tòrr sgoilearan le duilgheadasan fradhairc is claisneachd ann fhathast nach eil a’ faighinn nan aon chothroman agus a tha sgoilearan eile.

Tosgaire Luxembourg a’ dol a bhruidhinn ri BPAan mu Cheannas an Aonaidh Eòrpaich

17.09.2015

Bidh an suidheachadh èiginneach a th’ ann a thaobh fògarraich agus reifreann an AE am measg nan cuspairean air am bidh Tosgaire Luxembourg a’ bruidhinn nuair a thig e air beulaibh Comataidh Eòrpach is Dàimhean Taobh A-muigh

Comataidh gu bhith a' sireadh bheachdan ann am Pàislig airson an rannsachaidh aice air fastadh

16.09.2015

Bidh cothrom aig daoine ann am Pàislig, nuair a thadhlas Pàrlamaid na h-Alba air a’ bhaile an ath sheachdain, innse do BhPAan bhon Chomataidh Eaconamaidh, Lùths agus Turasachd

Tha rannsachadh ag iarraidh gun tèid dàta nas fheàrr a chruinneachadh mu chùram lasachaidh (palliative) gus uireasbhaidhean sa chùram sin a chomharrachadh

15.09.2015

Scotland has a strong record of success in delivering high quality palliative care services however there is a serious lack of information being collected about the quality and availability

An toir Bile cabhsairean na h-Alba air ais do luchd-coiseachd, tha Comataidh a’ faighneachd

14.09.2015

An dèan na planaichean gus pàirceadh air cabhsairean a pheanasachadh diofar dhutsa? Tha Comataidh Riaghaltas Ionadail is Ath-bheothachadh ann am Pàrlamaid na h-Alba airson cluinntinn bho dhaoine bho air feadh na h-Alba

Am bi an reachdas air toraidhean foghlam air a dhèanamh nas èifeachdaich?

10.09.2015

Tha feum ann air stiùireadh a tha nas co-eagraichte, nas mionaidiche agus nas roi-innleachdail ma tha sinn gu bhith a’ dèiligeadh ris a’ bheàrn a chithear ann an toraidhean foghlaim, a rèir aithisg air fhoillsicheadh an-diugh

Comataidh a’ Cheartais ag iarraidh gun obraich daoine còmhla gus piseach a thoirt air reachdas airson tubaistean marbhtach

04.09.2015

Mhol Comataidh a’ Cheartais Patricia NicFhearghais BPA is Bile nan Rannsachaidhean Bàis a thug i a-steach ach mhol iad gun obraicheadh i leis an Riaghaltas gus am Bile son Rannsachaidhean air Tubaistean Marbhtach is Bàis Aithghearr acasan a neartachadh.

Sgrùdadh air Bile Alba aig Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte air ais air clàr-gnothaich Thaigh an Ròid

02.09.2015

Tha sgrùdadh air Bile na h-Alba aig Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte, air ais air clàr-gnothaich Thaigh an Ròid, agus Comataidh an Fhèin-riaghlaidh a’ deisealachadh a chluinntinn bho eòlaichean air raon de chuspairean ris a bheil am Bile a’ dèiligeadh.

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.