Pàirce Roinneil Monadh Pentland – tha Comataidh a’ faighneachd, am bu chòir dhi a bhith air a leudachadh?

 

Dè bhuaidh a bhiodh ann nan rachadh Pàirce Roinneil Monadh Pentland a leudachadh? Sin dìreach aon de na ceistean a tha Pàrlamaid na h-Alba gu bhith faighneachd agus i a’ tòiseachadh air beachdachadh air Bile Crìochan Pàirce Roinneil Monadh Pentland. 

Tha am Bile, a thug Cairistìona Ghreumach BPA a-steach, ag amas air Pàirce Roinneil Monadh Pentland mar a tha i an-dràsta a leudachadh feuch am biodh gach ceàrnaidh de Mhonadh Pentland air a dìon agus air a gleidheadh chun na h-aon ìre.

Tha Comataidh Bile Crìochan Pàirce Roinneil Monadh Pentland a-nis ag iarraidh cluinntinn bhon a h-uile duine air am faodadh an leudachadh buaidh a thoirt, agus tha iad airson faighinn a-mach dè bhuaidh a dh’fhaodadh a bhith ann ma thèid crìochan na pàirce atharrachadh.

Thuirt Neach-gairm na Comataidh, Seumas Ó Dornáin BPA:

“Bidh mìltean de dhaoine a’ tadhal air agus a’ dèanamh feum de Mhonadh Pentland mar aon de na h-àiteachan as taitniche ann an Alba.

“Tha am Bile a’ moladh a’ phàirce roinneil mar a tha i an-dràsta a leudachadh gu bhith còmhdach a’ chuid as motha de Mhonadh Pentland. Tha am Monadh a’ sìneadh thar còrr is 20 mìle agus chan e a-mhàin gur e àite air leth brèagha a th’ ann air am faod daoine tadhal, ach cuideachd tha tòrr dhaoine a’ fuireach agus ag obair san sgìre.

“Tha a’ Chomataidh airson faighinn a-mach dè a’ bhuaidh a bhiodh ann nan deigheadh crìochan na pàirce a leudachadh. Tha sinn airson cluinntinn bho na daoine fhèin dè na buannachdan agus dè na h-anacothroman a bhiodh ann nan deigheadh na molaidhean seo a chur an sàs. Sin an aon dòigh a nì sinn cinnteach gun dèan am Bile diofar dha-rìribh mar a thathar ag iarraidh.”

Tha a’ Chomataidh airson cluinntinn bhon a h-uile duine air an toir an t-atharrachadh a thathar a’ moladh buaidh. Tha a’ Chomataidh gu h-àraidh airson faighneachd:

  • Dè na buannachdan is anacothroman a bhiodh ann dhutsa nan rachadh na crìochan a leudachadh?
  • Càit am faighear am maoineachadh, a tha dhìth air na h-ùghdarrasan ionadail, gus cuideachadh le bhith leudachadh nan crìochan?
  • Am feumadh na modhan-riaghlaidh a th’ ann an-dràsta tharrachadh gus taic a thoirt do bhith leudachadh nan crìochan; nam feumadh, dè na h-atharraichean a bhiodh a dhìth?

 

Cùl-fhiosrachadh

Chaidh am Bile a thoirt a-steach sa Ghiblean 2015, agus tha e na amas dha, “a’ Phàirce Roinneil a th’ ann a leudachadh gu bhith gabhail a-steach Monadh Pentland air fad (no cha mhòr air fad), agus nì sin cinnteach gum bi e uile air a dhìon agus gun tèid co-dhùnaidhean a thaobh mar a thèid am fearann a chleachdadh agus a ghleidheadh san ùine-fhada a dhèanamh a rèir prìomh amasan na Pàirce Roinneil”. 

Cha bu chòir barrachd air ceithir duilleagan A4 de bheachdan a bhith air an cur a-steach. Bu chòir freagairtean a chur, nuair as urrainnear, ann am post-d agus ann an sgrìobhainn MS Word chun an t-seòlaidh puist-d seo: PentlandParkBill.Committee@scottish.parliament.uk

Mus cuir thu fianais a-steach, feuch gun leugh thu poileasaidh na Pàrlamaid air mar a bu chòir do chomataidhean cuspaireil is àithneil dèiligeadh ri fianais sgrìobhte (faic gu h-ìosal). 

Faodar cuideachd freagairtean a chur sa phost gu:

Clàrc Comataidh Bile Crìochan Pàirce Roinneil Monadh Pentland

Oifis nan Comataidhean

Seòmar T3.40

Pàrlamaid na h-Alba

Dùn Èideann

EH99 1SP

 

Tha an ceann-latha airson fianais, 6f air Dihaoine 28 Sultain 2015. 

Thathar a' cur fàilte air fianais anns a' Ghàidhlig. 

Fios conatraidh

Fios conaltraidh

  • Linda Peters: 0131 348 6269
  • Fàilte ro Text Relay 
  • linda.peters@scottish.parliament.uk

Fios comataidh

  • Claire Menzies: 0131 348 5219
  • Fàilte ro Text Relay
  • claire.menzies@scottish.parliament.uk

 

Public information

  • Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
  • info@parliament.scot
  • Text 07786 209 888
  • Ask a question online through live chat
  • We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL

Keep up to date with us on:

keep up to date with what's happening in Parliament on Facebook Follow the Scottish Parliament on Twitter @ScotParl keep up to date with what's 
happening in Parliament on YouTube

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.