Sgrùdadh air Bile Alba aig Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte air ais air clàr-gnothaich Thaigh an Ròid

02.09.2015

Tha sgrùdadh air Bile Alba, a chaidh a thoirt a-steach le Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte, air ais air clàr-gnothaich Thaigh an Ròid, agus Comataidh Fèin-riaghlaidh (Cumhachdan A Bharrachd) a’ deisealachadh a chluinntinn bho shàr-eòlaichean air raon de chuspairean ris a bheil am Bile a’ dèiligeadh.

Chrìochnaich Bile na h-Alba an Ìre Comataidh ann an Taigh nan Cumantan anns an Iuchar, agus thathar an dùil gun lean am Bile air an t-slighe phàrlamaidich aige mus tèid e gu Taigh nam Morairean.

Air Diardaoin, bidh a’ Chomataidh a’ cluinntinn bho dhà phannal de shàr-eòlaichean. Bidh a’ chiad phannal a’ bruidhinn air cuspairean leithid maireannachd Pàrlamaid na h-Alba, Gluasadan Sewel agus co-ionnanachdan. Bidh an dàrna pannal a’ bruidhinn air sochairean. Ann an coinneamhan eile a tha air clàr-gnothaich na Comataidh sa mhìos seo, bidh a’ Chomataidh a’ cluinntinn bho shàr-eòlaichean, gach cuid eadar-nàiseanta agus nàiseanta, air ceanglaichean eadar-riaghaltasan.

Thuirt Neach-gairm na Comataidh Brus Crawford:

“Bhon a dh’fhoillsich sinn an aithisg eadar-amail againn air an dreachd de na clàsan reachdail de Bhile Alba anns a’ Chèitean, tha sinn air ìmpidh a chur air Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte gus molaidhean Coimisean Mhic a’ Ghobhainn a thoirt gu buil gu h-iomlan.

“Tha e deatamach gu bheil am Bile a’ solarachadh frèam reachdail a tha ag obair gus cumhachdan a thiomnachadh gu Taigh an Ròid, mar a chuir prìomh phàrtaidhean na h-Alba an ainmean ris. ’S ann air an adhbhar sin a bhios an sgrùdadh a nì sinne air a’ Bhile cho cudromach, agus bidh an raon de luchd-fianais a chluinneas sinn thairis air an trì seachdainean ri thighinn a’ toirt dhuinn geur-bheachd nan sàr-eòlaichean air prìomh eileamaidean a’ Bhile.

“Cha bhi mòran ùine a bharrachd ann airson dèanamh cinnteach gu bheil Westminster n a’ gabhail ri Bile na h-Alba a lìbhrigeas na bha Coimisean Mhic a’ Ghobhainn ag aontachadh a bhiodh riatanach agus cothromach.”

Cùl-fhiosrachadh

Air Diardaoin 3 Sultain, bidh a’ Chomataidh a’ cluinntinn bho dhà phannal de luchd-fianais. Air a’ chiad phannal, a’ dèiligeadh ri cùisean bun-reachdail agus ri co-ionnanachdan, bidh: Mìcheal Clancy, Comann Lagha na h-Alba; an t-Àrd-ollamh Niall Walker, Roinn Lagh Bun-reachdail agus Rianachail, Oilthigh Dhùn Èideann; Talat Yaqoob, Cathraiche, Women 50:50; agus Emma Ritch, Stiùiriche-gnìomha, Engender Scotland.

Air an dàrna pannal, a’ dèiligeadh ri sochairean, bidh: John Dickie, Stiùiriche, Child Poverty Action Group (Alba); Nile Istephan, Leas-chathraiche, Caidreachas Albannach nan Comann Taigheadas; Bill Scott, Stiùiriche Poileasaidh, Inclusion Scotland; agus Rachel Stewart, Oifigear Ghnothaichean Poblaich, Comann Albannach airson Slàinte Inntinn.

Aig na coinneamhan aice air 10 agus 17 Sultain, bidh a’ Chomataidh a’ cluinntinn bho shàr-eòlaichean air raon de chuspairean, ceanglaichean eadar-riaghaltasan nam measg. Gheibhear barrachd fiosrachaidh air obair na Comataidh, leithid tagraidhean sgrìobhte bhon luchd-fianais agus aithisg eadar-amail na Comataidh air an dreachd de na clàsan reachdail, aig:

Comataidh Fèin-riaghlaidh (Cumhachdan A Bharrachd)

Fios Conaltraidh

Fios do na Meadhanan:

Public information

  • Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
  • info@parliament.scot
  • Text 07786 209 888
  • Ask a question online through live chat
  • We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL

Keep up to date with us on:

keep up to date with what's happening in Parliament on Facebook Follow the Scottish Parliament on Twitter @ScotParl keep up to date with what's 
happening in Parliament on YouTube

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.