Comataidh a’ Cheartais ag iarraidh gun obraich daoine còmhla gus piseach a thoirt air reachdas airson tubaistean marbhtach

04.09.2015

Rinn Comataidh a’ Cheartais moladh air Patricia NicFhearghais BPA agus Bile nan Rannsachaidhean air Bàis (Alba) a tha i air a thoirt a-steach don Phàrlamaid, ach mhol iad gum bu chòir dhi obair còmhla ri Riaghaltas na h-Alba gus am Bile airson Rannsachaidhean air Tubaistean Marbhtach is Bàis Aithghearr msaa (Alba) acasan a neartachadh.

Coltach ri Bile an Riaghaltais, chuireadh am Bile aig a’ Bh-uas NicFhearghais às do agus raachadh e an àite Achd nan Tubaistean Marbhtach is nam Bàs Aithghearr (Alba) 1976 agus bheireadh e gu buil tòrr de na molaidhean a thàinig bhon Sgrùdadh aig a’ Mhorair Cullen air reachdas airson Rannsachaidhean air Tubaistean Marbhtach.

Ged a tha a’ Chomataidh a’ cur taic ri tòrr de na prionnsapalan sa Bhile aice, tha iad den bheachd gur e an dòigh as fheàrr tòrr de na prionnsapalan bhon Bhile aice a chur an sàs nan obraicheadh i gu dlùth còmhla ris an Riaghaltas.

Thuirt Neach-gairm na Comataidh, Cairistìona Ghreumach BPA.

 

“Tha am pròiseas air fad co-cheangailte ri Rannsachaidhean air Tubaistean Marbhtach (FAI) air a bhith fon phrosbaig o chionn ghoirid. Tha na cuspairean ris a bheil an reachdas seo a’ buntainn a’ ciallachadh gum bi daoine a tha air cuideigin a chall tòrr nas buailtiche a bhith ga fhaicinn mar nì cudromach.

“Mar Chomataidh tha sinn gu mòr air an aon ràmh ris a’ Bh-uas NicFhearghais agus i den bheachd nach obraich siostam nan Rannsachaidhean air Tubaistean Marbhtach ach nuair a tha comasach air ionnsachadh bho rudan a thachair roimhe, agus tha sinn a’ cur taic ri tòrr de na molaidhean aice airson cùisean a leasachadh.

“Tha sinn a’ cur fàilte air mar a tha a’ Bh-uas NicFhearghais ag iarraidh piseach a thoirt pròiseas nan rannsachaidhean feuch an toir e barrachd taic do theaghlaichean is caraidean nan daoine a bhàsaich. Ge-tà, tha sinn cuideachd den bheachd gur e an dòigh as fheàrr cùisean atharrachadh sna dòighean a tha i a’ moladh sa Bhile aice, ma dh’obraicheas i gu dlùth còmhla ri Riaghaltas na h-Alba agus iad a’ beachdachadh air atharraichean air a’ Bhile acasan aig Ìre 2.

Cùl-fhiosrachadh

Gheibhear an Aithisg air Ìre 1 an seo 

http://www.scottish.parliament.uk/parliamentarybusiness/CurrentCommittees/29845.aspx

 

Faodaidh tu sùil a chumail air obair na Comataidh air Twitter @SP_Justice.

 

Fios conaltraidh

Fios do na Meadhananan

  • Murray Meikle: 0131 348 6266
  • Fàilte ro Text Relay
  • murray.meikle@scottish.parliament.uk

 

Public information

  • Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
  • info@parliament.scot
  • Text 07786 209 888
  • Ask a question online through live chat
  • We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL

Keep up to date with us on:

keep up to date with what's happening in Parliament on Facebook Follow the Scottish Parliament on Twitter @ScotParl keep up to date with what's 
happening in Parliament on YouTube

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.