Am bi an reachdas air toraidhean foghlam air a dhèanamh nas èifeachdaich?

10.09.2015

Tha feum ann air stiùireadh a tha nas co-eagraichte, nas mionaidiche agus nas roi-innleachdail ma tha sinn gu bhith a’ dèiligeadh ris a’ bheàrn a chithear ann an toraidhean foghlaim, a rèir aithisg air fhoillsicheadh an-diugh (10 Sultain) le Comataidh Foghlam is Cultar aig Pàrlamaid na h-Alba.

Tha an aithisg a’ leantainn air beachdachadh na Comataidh air a’ Bhile Foghlaim (Alba). Tha ceuman anns a’ Bhile a tha ag amas air toraidhean foghlaim àrdachadh airson clann uile, ach tha a’ Chomataidh airson gum bi am Bile a’ lìbhrigeadh atharrachaidhean deimhinne, gum bi am Bile soilleir a thaobh mhìneachaidhean agus gum bi na h-aithrisean fon Bhile follaiseach, brìghmhor agus èifeachdach.

A rèir na Comataidh, ma tha am Bile gu bhith a’ dèanamh diofar, tha feum ann airson aithrisean air deagh chleachdadh agus air droch cleachdachd. Bu chòir do dh’aithrisean air adhartas cuideachd a bhith a’ toirt iomradh air na toraidhean matha a thathar a’ lìbhrigeadh ri sgoilearan air feadh na dùthcha.

Thuirt Neach-gairm na Comataidh Stiùbhart Maxwell BPA:

“Tha e na adhbhar iomagain dhuinn uile gu bheil a’ bheàrn ann an toraidhean foghlaim a’ leantainn air ann an Alba. Thairis air an 50 bliadhna a chaidh seachad, chaidh tòrr obair a dhèanamh gus a’ bheàrn seo a lùghdachadh agus gus cothroman a leasachadh airson feadhainn den chloinn as bochda anns an dùthaich againn. Ma dh’fhaoidte gu bheil dòigh-obrach nas radaigeach deatamach, agus feumaidh am Bile seo a bhith na phàirt de sin.

“Tha am Bile seo, còmhla ri ceumannan eile a chaidh ainmeachadh le Riaghaltas na h-Alba, ag amas air diofar a dhèanamh. Tha seo a’ ciallachadh gum feum tuigse shoilleir a bhith ann air dè tha a dhìth gus leasachadh a lìbhrigeadh. Tha sinn cuideachd a’ creidsinn gum bu chòir do Riaghaltas na h-Alba agus ùghdarrasan ionadail a bhith a’ co-chomhairleachadh gu farsaing, air chor ’s gum faod iad a bhith cinnteach, nuair a tha iad ag aithris air a’ bheàrn ann an toraidhean foghlaim, gu bheil na h-aithrisean aca cho feumail ’s a ghabhas. Chan eil e a’ cuideachadh duine sam bith ma tha na h-aithhrisean dìreach a’ toirt liosta de nithean a chaidh a dhèanamh. An rud a tha a dhìth oirnn, ’se tuigse air dè tha ag obair air chor ’s gum faod deagh thoraidhean a bhith air am faicinn air feadh na dùthcha.”

Tha an aithisg a’ toirt fa-near gu bheil Maoin Coileanaidh Alba (Attainment Scotland Fund) luach £100 millean aig Riaghaltas airson toraidhean foghlaim, ach tha an aithisg a’ gairm airson plana cosgaiste a bhiodh ag ainmeachadh nan goireas a tha riatanach airson cur às don cheangal eadar anacothrom agus toraidhean foghlaim.

Tha am Bile cuideachd a’ dèiligeadh ri foghlam tro mheadhan na Gàidhlig. Ged nach eilear a’ toirt còir don fhoghlam seo, tha am Bile a’ stèidheachadh pròiseas ùr airson ùghdarrasan ionadail is iad a’ measadh an ìre de dh’iarrtas airson foghlam tro mheadhan na Gàidhlig. Tha aithisg na Comataidh ag aontachadh gu bheil feum ann airson pròiseas deimhinne a thaobh an ìre dh dh’iarrtas bho phàrantan a mheasadh.

A bharrachd air sin, tha am Bile a’ leudachadh còir na cloinne airson taic a bharrachd airson ionnsachaidh agus tha e a’ toirt a-steach deuchainnean ùra a thaobh ion-roghnachd (eligibility) airson na taice seo.

Cùl-fhiosrachadh

Air a thoirt a-steach ann am Màrt 2015, tha am Bile Foghlaim (Alba) ag amas air Alba a dhèanamh mar “an t-àite as fheàrr anns an t-saoghal airson a bhith air a thogail agus a bhith a’ faighinn oideachadh sgoile” agus far a bheil clann uile a’ faighinn oideachadh a tha “gam brosnachadh a bhith cho soirbheachail ’s a thèid aca a bhith agus an comas aca a choileanadh.”

Tha aithisg na Comataidh cuideachd a’ coimhead aig na solaran eile anns a’ Bhile, nam measg: am feum airson luchd-teagaisg ann an sgoiltean neo-eisimeileach a bhith air an clàradh le Comhairle Choitcheann Luchd-teagaisg na h-Alba; a’ leasachadh a’ phròiseis a thaobh ghearainean mu dheidhinn chomhairlean agus sgoiltean; agus a’ cruthachadh na dreuchd de phrìomh oifigear foghlaim ann an ùghdarrasan ionadail.

Bha a’ Chomataidh a’ beachdachadh air a’ Bhile mar phàirt den obair nas fharsainge aice air a’ bheàrn ann an toraidhean foghlaim. Am measg nithean eile, bheachdaich a’ Chomataidh air cùisean a tha a’ bualadh air na toraidhean seo, leithid an raon prìobhaideach, an treas raon agus mar a dh’fhaodas pàrantan a bhith ag obair còmhla ri sgoiltean gus toraidhean foghlaim àrdachadh.

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.