An toir Bile cabhsairean na h-Alba air ais do luchd-coiseachd, tha Comataidh a’ faighneachd

14.09.2015

An dèan na planaichean gus pàirceadh air cabhsairean a pheanasachadh diofar dhutsa? Tha Comataidh Riaghaltas Ionadail is Ath-bheothachadh ann am Pàrlamaid na h-Alba airson cluinntinn bho dhaoine bho air feadh na h-Alba, agus a’ Chomataidh a’ tòiseachadh a cuid sgrùdaidh air Bile Pàirceadh air Slighean-coise is Pàirceadh Dùbailte (Alba).

’Se amas a’ Bhile gum bi e mì-laghail a bhith a’ pàirceadh air slighean-coise (cabhsairean) agus gum bi cabhsairean nas sàbhailte mura feum luchd-coiseachd—gu h-àraid iadsan aig a bheil ciorram a thaobh gluasad no fradharc - a bhith a’ cleachdadh nan rathad gus càraichean pàircichte a sheachnadh.

Cruthaichidh am Bile eucoirean ùra: pàirceadh ri taobh oir a’ chabhsair a tha ìslichte, agus pàirceadh dùbailte.

Thuirt Neach-gairm na Comataidh Caoimhin Stiùbhart BPA:

“Tha pàirceadh air cabhsairean no pàirceadh dùbailte draghail agus cunnartach do luchd-coiseachd uile. Ach airson feadhainn de na daoine as so-leònte (most vulnerable) anns a’ choimhearsnachd againn, leithid seann daoine agus iadsan aig a bheil ciorram a thaobh gluasad no fradharc, tha a’ bhuaidh fiù ’s nas miosa.

“Tha am Bile seo airson an leithid seo de phàirceadh a bhacadh, agus tha sinne airson faighinn a-mach dè’n diofar a dhèanadh sin. A bheil am Bile a’ dol fada gu leòr, agus am bi na molaidhean seo dha-rìribh a’ stad dhaoine bho phàirceadh air cabhsairean?”

Tha a’ Chomataidh a’ faighneachd a bheil daoine a’ faicinn pàirceadh mar sin anns na coimhearsnachdan aca. A bheil am poball air an co-èigneachadh bhàrr a’ chabhsair, no air am bacadh bho bhith a’ cleachdadh oir ìslichte a’ chabhsair, air sàilleabh chàraichean pàircichte? Am bu chòir don Bhile an leithid seo de phàirceadh a cheadachadh ann an suidheachaidhean àraid no ann an àitean àraid anns a’ choimhearsnachd?

Cùl-fhiosrachadh

’Se amas a’ Bhile a bhith a’ bacadh dhaoine bho chnap-starraidhean a chur air slighean-coise gach cuid bho chàraichean a tha pàircichte no a tha a’ feitheamh agus bho charbadan air am pàirceadh gu dùbailte air slighean-carbaid. Fo reachdas làithreach, tha e na eucoir a bhith a’ dràibheadh air slighe-coise, ach tha an suidheachadh nas neo-shoilleire a thaobh pàirceadh corra-uair no gu tuiteamach.

Gu sònraichte, bhiodh am Bile a’ bacadh pàirceadh air slighe-coise no slighe-coise ìslichte sam bith a bharrachd air pàirceadh dùbailte (far nach eil pàirt sam bith den charbad taobh a-staigh 50cm bho oir na slighe-carbaid) air a h-uile rathad poblach ann an sgìrean bailteil ann an Alba.

A bharrachd air gairm airson fianais sgrìobhte, tha a’ Chomataidh air suirbhidh fhoillseachadh a tha a’ sireadh fiosrachadh air dè na duilgheadasan a dh’adhbharaicheadh le pàirceadh air cabhsairean. Gheibhear an suirbhidh tron cheangal a leanas:

http://www.smartsurvey.co.uk/s/FootwayDoubleParkingBill/

Cha bu chòir barrachd air ceithir duilleagan A4 de bheachdan a bhith air an cur a-steach. Bu chòir freagairtean a chur, nuair as urrainnear, ann am post-d agus ann an sgrìobhainn MS Word chun an t-seòlaidh puist-d seo: lgr.committee@scottish.parliament.uk

’Se an ceann-latha airson fianais Dihaoine 30 Damhair 2015 aig 5f.

Mus cuir thu fianais a-steach, feuch gun leugh thu poileasaidh na Pàrlamaid air mar a bu chòir do chomataidhean cuspaireil is àithneil dèiligeadh ri fianais sgrìobhte.

Faodar cuideachd freagairtean a chur sa phost gu:

Clàrc Comataidh Riaghaltas Ionadail is Ath-bheothachadh
Oifis nan Comataidhean
Seòmar T3.40
Pàrlamaid na h-Alba
Dùn Èideann
EH99 1SP

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.