Tha rannsachadh ag iarraidh gun tèid dàta nas fheàrr a chruinneachadh mu chùram lasachaidh (palliative) gus uireasbhaidhean sa chùram sin a chomharrachadh

15.09.2015

Tha Alba air a bhith gu math soirbheachail ann a bhith toirt seachad sàr sheirbheisean cùraim lasachaidh. Ge-tà, chan eilear a’ cruinneachadh fiosrachadh gu leòr a thaobh càileachd a’ chùraim lasachaidh sin ann an Alba no a thaobh dè uiread dheth a tha ri fhaotainn, a rèir an Ollaimh David Clark, prìomh neach-rannsachaidh air cùram airson deireadh beatha dhaoine.

An-dràsta chan eil mòran mhodhan èifeachdach ann gus tomhas a dhèanamh air na seirbheisean a tha cur ri cùram lasachaidh agus nas cudromaiche buileach gus tomhas a dhèanamh air builean a’ chùraim sin no cho math agus a tha e. Tha an aithisg ag iarraidh gun tèid barrachd dàta a chruinneachadh a thaobh nan seirbheisean is goireasan a tha cur ri cùram lasachaidh. Ged a tha an Rìoghachd Aonaichte air a measadh mar aon de na dùthchannan as fheàrr airson cùram lasachaidh, cha ghabh an dàta sin a chleachdadh gus measadh a dhèanamh air Alba leatha fhèin.

Tha an aithisg seo a’ cur ri rannsachadh air cùram lasachaidh a tha a’ Chomataidh Slàinte is Spòrs a’ cumail agus thuirt Neach-gairm na Comataidh, Donnchadh MacNèill BPA:

“Tha a’ Chomataidh air cluinntinn mu thràth bho dhiofar dhaoine, mar phàirt den obair againn air a’ bhile airson fèin-mharbhadh le cùl-taic, gu bheil uireasbhaidhean nach beag ann a thaobh cho math agus a tha an cùram lasachaidh a gheibh daoine ann an Alba.

“A rèir na fianaise a tha sinn air fhaighinn mu thràth san rannsachadh againn, tha daoine fa leth air innse dhuinn mu na duilgheadasan a bh’ aig daoine aig deireadh am beatha agus iad a’ feuchainn ris a’ chùram lasachaidh a bha dhìth orra fhaighinn.

“Tha an rannsachadh a’ comharrachadh duilgheadas mòr, sin cion fiosrachaidh mu na seirbheisean cùraim lasachaidh a tha rim faighinn ann an Alba. Tha fios againn uile gu bheil daoine nas cudromaiche na àireamhan. Ach mura h-urrainn dhuinn fiosrachadh bunaiteach a chruinneachadh mu dheidhinn cò tha a’ faighinn cùram lasachaidh ann an Alba, tha sin a’ togail cheistean mòra a thaobh cò na daoine nach eil ’s dòcha a’ faighinn a’ chùraim a tha dhìth orra.”

Thuirt Leas-neach-gairm na Comataidh Bob Doris BPA:

“Tha an rannsachadh seo fìor chudromach don sgrùdadh aig a’ Chomataidh air cho math agus a tha cùram lasachaidh ann an Alba agus dè uiread den chùram sin a tha ri fhaotainn. Bidh BPAan a’ cur ceistean air an Ollamh Clark mun rannsachadh aige nas fhaide air a’ mhadainn.

“Chan eil am feum a th’ againn air cùram airson deireadh beatha dhaoine a’ dol a dh’fhalbh, oir tha ar sluagh a’ sìor fhàs nas sine agus bidh barrachd is barrachd dhaoine feumach air cùram aig deireadh am beatha. Tha Riaghaltas na h-Alba mu thràth a’ coimhead air a’ chùis seo agus iad ag ullachadh Frèam Gnìomha airson Cùram Lasachaidh is Cùram aig Deireadh Beatha Dhaoine. Tha sinn an dòchas gum faighear fiosrachadh feumail bhon rannsachadh seo agus toraidhean an sgrùdaidh againne.

“’S e aon rud a dh’fheumas sinn a dhèanamh, a’ comharrachadh cò dh’fhaodadh a bhith feumach air cùram airson deireadh am beatha. Tha deagh chùram lasachaidh ga thoirt seachad air feadh Alba. Ge-tà, gu tric chan eil aithne air a thoirt don obair sin. Feumaidh sin an suidheachadh sin atharrachadh gus am faigh daoine barrachd taice nuair a tha iad feumach air sin.”

Tha an aithisg ag ràdh, agus i a’ dèanamh thuairmsean stèidhichte air dàta à Sasainn, gum faodadh gu bheil mu 10,600 neach ann an Alba nach eil a’ faighinn a’ chùraim lasachaidh a tha dhìth orra.

Chan eil ann ach 20 dùthaich san t-saoghal a tha air àrd-ìrean a ruighinn a thaobh cùram lasachaidh tro àrd-ìrean seirbheis, foghlaim, rannsachaidh, ionmhais agus tron uiread dhrogaichean a tha rim faotainn agus poileasaidhean a tha a’ toirt aithne don chùis. Chan eil ach 26 dùthchannan san t-saoghal a tha ag aithneachadh gur e seirbheis shònraichte a th’ ann an cùram lasachaidh, agus b’ e an Rìoghachd Aonaichte a’ chiad tè a rinn sin ann an 1987.

San t-saoghal air fad, chan eil ann ach glè bheag de dhaoine a gheibh leigheas gus dèiligeadh ri cràdh: tha 5.5 billean daoine (83% de shluagh an t-saoghail) a’ fuireach ann an dùthchannan le glè bheag de chùram no gun chùram idir gus dèiligeadh ri cràdh, tha cothrom cuibheasach math aig 250 millean (4%) air cùram den t-seòrsa sin, agus chan eil ann ach 460 millean daoine (7%) aig a bheil cothrom reusanta air a’ chùram sin. Chan eil dàta gu leòr ann airson 430 millean (7%).

Thuirt an t-Ollamh David Clark:

“Tha Alba air soirbheachadh gu mòr ann a bhith cruthachadh sheirbheisean airson cùram lasachaidh agus ann a bhith cur ris mar a chaidh an seòrsa cùraim seo a leasachadh san fharsaingeachd. Feumaidh sinn togail air seo agus fios nas fheàrr fhaighinn air cò air a tha an cùram seo a’ ruighinn, dè na builean a th’ ann agus ciamar a ghabhadh piseach a thoirt air a’ chùram seo.”

Cùl-fhiosrachadh

Thòisich a’ Chomataidh an rannsachadh aca air cùram lasachaidh air 2 Iuchar 2015. Bhon uair sin tha iad air 56 freagairtean fhaighinn.

Bidh a’ Chomataidh Slàinte is Spòrs a’ cur ceistean air an Ollamh Clark, a thaobh nan cuspairean a thog ceann san rannsachadh aige, air Dimàirt 15 Sultain aig 09:15m agus thèid an seisean a chraoladh beò an seo.

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.