Comataidh gu bhith a' sireadh bheachdan ann am Pàislig airson an rannsachaidh aice air fastadh

16.09.2015

Bidh cothrom aig daoine ann am Pàislig, nuair a thadhlas Pàrlamaid na h-Alba air a’ bhaile an ath sheachdain, innse do BhPAan bhon Chomataidh Eaconamaidh, Lùths agus Turasachd mu mar a tha am beatha obrach air atharrachadh bho thàinig crìonadh air an eaconamaidh ann an 2008.

Coinnichidh a’ Chomataidh ann an Talla Bhaile Phàislig air Diluain 21 Sultain mar phàirt de Latha na Pàrlamaid ann am Pàislig. Cluinnidh a’ Chomataidh beachdan muinntir a’ bhaile agus iad a’ gabhail fianais bho còrr is 50 gnothachas, luchd-obrach, buidhnean-carthannais, iomairtean sòisealta agus seirbheisean foghlaim adhartach. 

Tron iomairt, Latha na Pàrlamaid, aig Taigh an Roid, a thòisich an t-Oifigear Riaghlaidh am Fìor Urr. Tricia Marwick BPA, bidh a’ Phàrlamaid a’ tadhal air coimhearsnachdan air feadh na h-Alba, agus iad a’ brosnachadh nan coimhearsnachdan sin gu bhith togail ùidh agus a’ gabhail com-pàirt sa Phàrlamaid agus na h-obair. 

Tha a’ Chomataidh an-dràsta a’ cumail rannsachadh air ‘obraichean, tuarastalan agus fallaineachd’, a tha a’ coimhead air an eadar-dhealachadh a th’ ann a thaobh càileachd eadar diofar obraichean agus a’ bhuaidh a th’ aig tuarastalan ìosal agus obraichean sealach/neo-thèarainte air eaconamaidh na h-Alba. Tha a’ Chomataidh cuideachd a’ coimhead air a’ bhuaidh a th’ aig tuarastalan ìosal agus obraichean nach eil cho math air slàinte is suidheachadh sòisealta dhaoine. 

Cuideachd, bidh BPAan bhon Chomataidh a’ coinneachadh ri Comhairle Siorrachd Rinn Friù gus bruidhinn air mar a tha na poileasaidhean eaconamach aca a’ toirt buaidh air cothroman cosnaidh san sgìre. 

Thuirt Neach-gairm na Comataidh Murchadh Friseal BPA: 

“Bho thòisich an rannsachadh seo, tha e air a bhith na amas dhuinn gun cluinneamaid bho na daoine fhèin air mar a chaidh dhaibh sna h-obraichean aca bho thòisich an crìonadh eaconamach. 

“Tha e deatamach dhuinn mar Chomataidh gum faigh sinn cothrom Taigh an Roid fhàgail gus tadhal air coimhearsnachdan air feadh na h-Alba. Bidh na beachdan a chluinneas sinn a’ cur ri rannsachadh na Comataidh agus cuidichidh iad sinn le bhith faighinn tuigse nas fheàrr air na tha tachairt ann am Pàislig agus faodaidh sinn coimeas a dhèanamh eadar sin agus na tha tachairt ann an eaconamaidh na h-Alba air fad.” 

Sgaoil a’ Chomataidh ceisteachan o chionn ghoirid ag iarraidh beachdan bho mhuinntir na h-Alba air na h-obraichean aca. Sheall na toraidhean bho sin gun robh 74 às a’ cheud den fheadhainn a fhreagair den bheachd gun robh an obair aca ‘math’ agus fhreagair 26% gun robh iad a’ smaoineachadh gun robh ‘droch obair’ aca. Thuirt 62% de na daoine a fhreagair gun robh duilgheadasan slàinte aca ri linn na h-obrach aca. 

A-mach às na daoine a thuirt gun robh obair ‘mhath’ aca, thuirt a’ mhòr-chuid aca gun robh sin air sàillibh pàigheadh math no gun robh an obair aca tèarainte. Cuideachd, thuirt na daoine sin gu tric gun robh iad riaraichte leis an obair aca agus robh iad a’ faireachdainn gun robh am fastaiche aca a’ cur diù annta. Am measg nan adhbharan as cumanta a thug daoine seachad airson ‘droch obair’ bha droch phàigheadh, droch stiùireadh, na h-uairean agus obair nach robh tèarainte. 

Air an fheasgar, faodaidh muinntir an àite tighinn gu seisean neo-fhoirmeil le ceistean còmhla ris an Oifigear Riaghlaidh, agus gheibh iad cothrom an sin ceistean a chur air BPAan mu mar a tha a’ Phàrlamaid ag obair.

Cùl-fhiosrachadh

Thèid Latha na Pàrlamaid ann am Pàislig a chumail ann an Talla Bhaile Phàislig, Clobhsa na h-Abaid, Pàislig PA1 1JF. Thèid an seisean neo-fhoirmeil le ceistean còmhla ris an Oifigear-riaghlaidh a chumail bho 5.30f agus tha e fosgailte don a h-uile duine. 

Airson barrachd fiosrachaidh agus airson faighinn a-mach mu mar a dh’fhaodas tu pàirt a ghabhail san latha cuir fios gu: Debra Gourlay, Oifigear-taic airson Seirbheisean Ruigsinn air 0131 348 5414 no email debra.gourlay@scottish.parliament.uk

Chaidh an iomairt, Latha na Pàrlamaid, a chur air bhog san t-Samhain 2012, agus ’s e as adhbhar dha gun tèid gnothach na Pàrlamaid a chumail taobh a-muigh Dhùn Èideann le bhith tadhal air coimhearsnachdan air feadh Alba. Le Làithean na Pàrlamaid, chì daoine mar a tha a’ Phàrlamaid ag obair – an dà chuid a thaobh na tha tachairt an lùib ghnothaichean oifigeil na Pàrlamaid le leithid coinneamhan comataidh air an cumail sna coimhearsnachdan aca, agus aig ìre nach eil cho foirmeil nuair a gheibh iad cothrom coinneachadh ri BPAan ionadail is luchd-obrach na Pàrlamaid.

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.