Tosgaire Luxembourg a’ dol a bhruidhinn ri BPAan mu Cheannas an Aonaidh Eòrpaich

17.09.2015

Bidh an suidheachadh èiginneach a th’ ann a thaobh fògarraich agus reifreann an AE am measg nan cuspairean air am bidh Tosgaire Luxembourg a’ bruidhinn nuair a thig e air beulaibh Comataidh Eòrpach is Dàimhean Taobh A-muigh Pàrlamaid na h-Alba agus e ag innse dhaibh mu na prìomhachasan a th’ aig an dùthaich aige agus i air Ceannas an Aonaidh Eòrpaich a ghabhail os làimh.

Bidh an Tosgaire, A Shoillse Pàdraig Engelberg, a’ bruidhinn ris a’ Chomataidh aig coinneamh a-màireach (Diardaoin 17 Sultain). 

A’ bruidhinn ron choinneimh, thuirt Neach-gairm an Comataidh Cairistìona NicShealbhaich BPA: 

“Le bhith gabhail Ceannas an Aonaidh Eòrpaich os làimh, tha cothrom aig Luxembourg ceannas is stiùir a thoirt dhuinn gus fuasgladh fhaighinn air càs nam fògarrach. Tha a’ Chomataidh air aontachadh coimhead gun dàil air an taic a tha fògarraich a thig a dh’Alba a’ faighinn agus gabhaidh sinn an cothrom seo gus faighneachd dè na ceumannan a tha Luxembourg, agus i air Ceannas an Aonaidh Eòrpaich a ghabhail os làimh, an dùil a ghabhail gus fuasgladh farsaing fhaighinn air a’ chuis-èiginn seo a tha a’ bualadh air an AE air fad.” 

Ghabh Luxembourg Ceannas Comhairle an Aonaidh Eòrpaich os làimh air 1 Iuchar 2015 bho Latbhia, tha an ceannas a’ maireachdainn sia mìosan. 

Mus toir an Tosgaire fianais seachad, cluinnidh a’ Chomataidh bho Mhinistear na h-Eòrpa aig Riaghaltas na h-Alba Humza Yousaf BPA air na prìomhachasan a th’ aig Riaghaltas na h-Alba a thaobh na h-Eòrpa agus mun obair a tha a’ bhuidheann-ghnìomha airson fògarraich a’ dèanamh, buidheann a chaidh a stèidheachadh o chionn ghoirid agus air a bheil am Ministear na Chathraiche. 

Lean a’ Bha-uas NicShealbhaich: 

“Bheir a’ Chomataidh sùil air na tha Alba a’ dèanamh, nas urrainn dhi a dhèanamh agus air na bu chòir dhuinn a bhith dèanamh gus taic a thoirt do na mìltean de dh’fhir, boireannaich is clann a tha a’ sireadh faochadh san Roinn Eòrpa bho chogaidhean, gort is bochdainn. Tha mi a’ coimhead air adhart ri aithris a chluinntinn bhon Mhinistear air mar a tha cùisean nuair a thig e air beulaibh na Comataidh.” 

Bidh dùthaich ùr a’ gabhail Ceannas an Aonaidh Eòrpaich os làimh a h-uile sia mìosan. Tha sia prìomhachasan gu bhith aig Luxembourg leis a’ Cheannas aice: 

  • a’ brosnachadh dhaoine gu bhith cur airgead an seilbh gus fàs eaconamach is an àireamh chosnaidhean a chur am meud;
  • a’ togail air an taobh shòisealta den AE;
  • a’ stiùireadh imrich, a’ gabhail a-steach saorsa, ceartas agus tèarainteachd;
  • a’ toirt togail às ùr don mhargaidh shingilte agus iad a’ cur cudrom air an taobh dhidseatach dhith;
  • a’ suidheachadh farpaiseachd an AE taobh a-staigh frèam cruinneil is follaiseach;
  • a’ cur leasachaidhean seasmhach air adhart; agus
  • a’ neartachadh an àite a th’ aig an AE san t-saoghal air fad 

Thathar an dùil gum beachdaidh a’ Chomataidh, às dèidh na coinneimh Diardaoin, air barrachd obrach a dhèanamh gus dèiligeadh ri càs nam fògarrach. 

Cùl-fhiosrachadh

Bidh Coinneamh na Comataidh Eòrpach is Dàimhean Taobh A-muigh, air Diardaoin 17 Sultain, ann an Seòmar Raibeirt Burns, Seòmar-comataidh 1, a’ tòiseachadh aig 9:15m le fianais bho Humza Yousaf BPA, am Ministear airson na h-Eòrpa is Leasachadh Eadar-nàiseanta. Thathar an dùil gun tòisichear an Tosgaire a’ toirt fianais seachad mu 10:15m.

Thèid coinneamh na Comataidh a chraoladh air an eadar-lìon: http://www.scottishparliament.tv/?vid=live-committee-room-1 no faodaidh tu tiogaidean a ghleidheadh le bhith cur post-d gu sp.bookings@scottish.parliament.uk / 0131 348 5200 no fònadh gu saor-fòn 0800 092 7600 (Daoine le fòn-teacsa: 0800 092 7100). 

Gheibhear dealbhan den tachartas an-asgaidh. Cuir fios gu andrew.cowan@scottish.parliament.uk airson dealbhan.

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.