Comataidh a’ toirt a taic do chasg air smocadh ann an carbadan

24.09.2015

Thug Comataidh Slàinte is Spòrs aig Pàrlamaid na h-Alba a taic do reachdas a bheireadh a-steach casg air smocadh ann an carbadan nuair a tha daoine fo 18 sa charbad.

Ge-tà, tha a’ Chomataidh san aithisg aca airson ìre a h-aon den Bhile airson Casg-smocaidh (Clann ann an Carbadan-rathaid) cuideachd a’ moladh gum bu chòir don dràibhear a bhith ri choireachadh fon lagh ma leigeas iad le cuideigin eile smocadh sa charbad aca nuair a tha cuideigin fo 18 ann.

Ged a tha a’ Chomataidh a’ toirt a taic, ann am prionnsapal, don mholadh gus fios a chur gu dràibhearan le peanas stèidhichte, tha iad ag iarraidh air a’ bhall le uallach airson a’ Bhile Jim Hume BPA agus air Riaghaltas na h-Alba beachdachadh air dòighean eile, a bharrachd air a’ pheanas stèidhichte, a dh’fhaodadh a bhith air an cleachdadh gus an casg a chur an sàs, leithid prògram oideachaidh.

Thuirt Neach-gairm na Comataidh Donnchadh MacNèill

“Bha e soilleir, bhon obair againn air a’ chùis seo, gu bheil taic làidir am measg a’ phobaill airson an reachdas seo. Tha a’ Chomataidh againn den bheachd nach bu chòir pàiste sam bith a bhith ann an càr far a bheil cuideigin eile a’ smocadh agus tha an reachdas seo a’ dol a dhèiligeadh gu ìre mhòr ris an droch chleachdadh sin.

“Ged a bu chòir don neach a tha a’ smocadh a bhith ri c(h)oireachadh fon lagh, tha sinn cuideachd a’ moladh gum bi an dràibhear ri choireachadh cuideachd fon lagh. Bhiodh sin a’ ciallachadh gum biodh an reachdas seo an aon rud ri reachdas ann an Sasainn agus sa Chuimrigh a tha coltach ris.”

Thuirt Leas-neach-gairm na Comataidh Bob Doris BPA

“Ged a tha iomairtean oideachaidh air beagan adhartais a dhèanamh ann a bhith cur às do bheachdan mearachdach mu dheidhinn na buaidhe a th’ aig smocadh air daoine eile, tha e soilleir gum feumar barrachd a dhèanamh. Feumaidh sinn teachdaireachd shoilleir a thoirt seachad nach eil toit sam bith bho smocadh ann an carbadan sàbhailte do chloinn.

“Ma tha na molaidhean seo a’ dol a dhèanamh diofar, tha e fìor chudromach gum bi modhan-peanasachaidh èifeachdach ann. Bheireamaid taic don mholadh a tha ag iarraidh air ùghdarrasan ionadail pàirt a ghabhail san reachdas seo, dh’fhaodadh iad obair còmhla ri Poileas Alba gus an lagh seo a chur an sàs gu ceart, ma dh’aontaicheas a’ Phàrlamaid ris.”

 Cùl-fhiosrachadh 

Thug Jim Hume BPA am Bile Bhall a-steach don Phàrlamaid san Dùbhlachd 2014. Chaidh a’ Chomataidh Slàinte a chomharrachadh mar a’ phrìomh Chomataidh gus sgrùdadh a dhèanamh air na molaidhean. Thèid bhòt a chumail leis a’ Phàrlamaid air fad a-nis air a’ Bhile, agus nì iad co-dhùnadh feuch am bu chòir am Bile a bhith air a thoirt air adhart chun na h-ath ìre ann am pròiseas sgrùdaidh na Pàrlamaid.

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.