Fiosrachadh air cosgaisean nam Ball 2014/15 air fhoillseachadh

24.09.2015

Tha fiosrachadh làithreach air cosgaisean pàrlamaideach nam BPA uile air fhoillseachadh an-diugh air an eadar-lìon.

Tha cosgaisean bho chairteal 4 de bhliadhna-ionmhais 2014/15 a-nis rim faotainn air-loidhne tro ghoireas leis am faod thu stòr-dàta na Pàrlamaid a cheasnachadh.

Thathar cuideachd a’ foillseachadh brath ullachaidh, a tha a’ cur ri chèile cosgaisean iomlan airson na bliadhna.

Tha an suim de £12,498,721 airson na bliadhna gu lèir a’ riochdachadh lùghdachadh de 0.2 sa cheud air àireamhan an-uiridh. Air stèidh airgid, tha seo na thuiteam de £25,238.

 

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.