Comataidh a’ toirt sùil air na nì am BBC do dh’Alba san àm ri teachd

28.09.2015

Dè cho math agus as tha am BBC a’ frithealadh air Alba agus luchd-amhairc ann an Alba? Am faodadh Alba cuibhreann nas cothromaiche fhaighinn de dh’airgead a’ BhBC? Seo cuid de na ceistean a tha Comataidh Foghlaim is Cultair Pàrlamaid na h-Alba a’ cur agus iad a’ toirt sùil, bho shealladh Albannach, air mar a tha Cairt a’ BhBC gu bhith air a h-ùrachadh.

Am measg nam prìomh chùisean eile air am bi a’ Chomataidh a’ coimhead tha meud agus farsaingeachd a’ BhBC, agus an dòigh sa bheil am BBC ag obair còmhla ri agus ri taobh meadhanan craolaidh is foillseachaidh eile ann an Alba.

Gus cuideachadh leis an rannsachadh aca, tha a’ Chomataidh airson beachdan a chluinntinn bho dhaoine agus buidhnean bho air feadh Alba air na bu chòir tachairt don BhBC san àm ri teachd.

Thuirt Neach-gairm na Comataidh, Stiùbhairt Maxwell:

“Tha e follaiseach gur e a bu chòir a bhith againn BBC a tha a’ frithealadh air agus a’ riochdachadh na h-Alba mar bu chòir. Coimheadaidh a’ Chomataidh againn feuch dè cho comasach agus tha am BBC air sin a dhèanamh, agus coimheadaidh sinn cuideachd air na dh’fhaodadh a bhith a dhìth gus dèiligeadh ri dùbhlain is atharraichean a thaobh teicneòlas a tha a’ dol a thighinn sa ghnìomhachas.

“Ach chan eil sinn dìreach gu bhith dèanamh cinnteach gum faigh muinntir na h-Alba èisteachd sa chùis seo. Coimheadaidh sinn air maoineachadh a’ BhBC ann an Alba agus mar a tha e ga chosg agus dè cho follaiseach ’s a dh’fhaodadh na figearan a bhith agus dè cho follaiseach ’s a bu chòir do na figearan sin a bhith. Tha sinn cuideachd airson ionnsachadh mu na dòighean sam b’ urrainn don BhBC daoine tàlantach a bhrosnachadh ann an Alba agus mar b’ urrainn don BhBC feum a dhèanamh de na daoine cruthachail a th’ againn. Feumaidh sinn coimhead air cùisean bho shealladh farsaing gus dèanamh cinnteach gun soirbhich leis a’ BhBC ann an Alba agus gum fàs e ann an dòigh a tha gu buannachd na dùthcha air fad.”

Tha a’ Chomataidh air suirbhidh goirid a dhèanamh gus beachdan a chruinneachadh.

http://www.smartsurvey.co.uk/s/BBCcharter/ 

Cùl-fhiosrachadh

Chaidh am BBC a stèidheachadh fo Chairt Rìoghail a tha cur an cèill bonn-stèidh na buidhne, na h-adhbharan poblach air an deach a stèidheachadh agus dleastanasan Urras is Bòrd Luchd-stiùiridh a’ BhBC agus na daoine a bhios air na buidhnean sin. Tha a’ chairt 10-bliadhna a th’ ann an-dràsta a’ tighinn gu crìch aig deireadh 2016.

A rèir Choimisein Mhic a’ Ghobhainn, bu chòir beachdan Pàrlamaid na h-Alba a shireadh ann an dòigh oifigeil mar phàirt den ath-sgrùdadh air cairt a’ BhBC.

Gheibhear barrachd fiosrachaidh mu obair na Comataidh aig:

http://www.scottish.parliament.uk/parliamentarybusiness/CurrentCommittees/29800.aspx

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.