Comataidh aig Taigh an Ròid a' tighinn gu Crìochan na h-Alba

25.09.2015

Thig ceist an fhearainn ann an Alba fon phrosbaig gu h-ionadail nuair a choinnicheas Comataidh phàrlamaideach Albannach ri tuathanaich-màil, riochdairean Roxburghe Estates agus riochdairean bho Lìonra Fèidh Machraichean na h-Alba.

Tha Comataidh Cùisean Dùthchail, Atharrachadh Clìomaid agus an Àrainneachd Pàrlamaid na h-Alba (a’ Chomataidh RACCE) a’ tighinn do Chrìochan na h-Alba air Diluain 28 Sultain a chluinntinn beachdan shàr-eòlaichean mar phàirt de sgrùdadh na Comataidh air a’ Bhile Ath-leasachadh Fearainn (Alba) aig Riaghaltas na h-Alba.

Bidh riochdairean bho Roxburghe Estates, Lìonra Fèidh Machraichean na h-Alba agus tuathanaich-màil ionadail—uile nan daoine le fios air mar a tha cùisean ‘air an làr’—ag innse don Chomataidh mar a dh’fhaodas na h-atharrachaidean a tha Riaghaltas na h-Alba a’ moladh a bhith a’ bualadh orrasan, air chùisean leithid tuathanachas-màil, reataichean gnothachais air sealg nam fiadh is air urchaireachd sitheann agus smachd air fèidh.

Thathar an dùil cuideachd gun cluinnear beachdan làidir, fiosrachail mu Riaghaltas na h-Alba a bhith a’ deasachadh aithris shoilleir air còirichean is dleastanasan fearainn; agus air ciamar a b’ urrainn Coimisean Fearainn na h-Alba poileasaidh a stiùireadh san àm ri teachd.

Thuirt Neach-gairm Comataidh Cùisean Dùthchail, Atharrachadh Clìomaid agus an Àrainneachd, Rob Gibson BPA:

“Airson daoine agus buidhnean air am faod na h-atharrachaidhean ri sealbh-fearainn agus ri stiùireadh-fearainn a bhith a’ bualadh, tha seo na chothrom dhuinn a bhith a’ cluinntinn bheachdan ionadail bho dhiofar dhaoine aig a bheil beòshlaintean a tha an crochadh ri co-dhiù a thèid againn air ath-leasachadh an fhearainn a thoirt gu buil ann an dòigh cothromach.”

Lean Mgr Gibson air:

“Tha e riatanach gun cleachd a’ Chomataidh fios, eòlas agus sgilean luachmhor gach neach le leas anns an fhearann uair sam bith a ghabhas sin a dhèanamh, gu h-àraid iadsan aig a bheil ùidh phearsanta ann an tuathanachas-màil, reataichean spòrs agus cumail smachd air fèidh.Tha sinn a’ dèanamh fiughair ri bhith a’ tadhail air Siorrachd Roxburgh a chluinntinn mu dheidhinn nan cothroman agus na dùbhlain a dh’fhaodadh a bhith romhainn.”

“Ciamar a nì sinn cinnteach gu bheil cothromachadh ceart eadar còirichean nan uachdaran agus còirichean an luchd-gabhaltais air chor ’s gun cruthaich sinn raon tuathanachais-màil a tha fallain, soirbheachail agus cothromach? Sin fear de na prìomh cheistean air beulaibh na Comataidh. An tèid againn a bhith ga dhèanamh nas fhasa do thuathanaich-màil a bhith a’ leigeil dhiubh an dreuchdan le onoir, mas e sin a tha iad ag iarraidh, fhad ’s a tha sinn a’ brosnachadh thuathanaich-màil ùra a bhith a’ tighinn a-steach don raon? Tha na ceistean seo glè chudromach, agus tha sinn airson beachdan a’ mhuinntir ionadail a chluinntinn.”

Anns an t-Sultain, tha a’ Chomataidh a’ dèanamh sgrùdadh air a’ Bhile Ath-leasachadh Fearainn, le turasan don Eilean Sgitheanach, Fìobha, Ìle, Diùra agus Crìochan na h-Alba. Cluinnidh iad beachdan bho ghrunn bhuidhnean agus daoine, a’ gabhail a-steach luchd-seilbh oighreachdan, geamairean, luchd-poileasaidh, tuathanaich-màil, eòlaichean àrainneachd agus buidhnean coimhearsnachd.

Foillsichidh a’ Chomataidh aithisg air an sgrùdadh air a’ Bhile Ath-leasachadh Fearainn aig Riaghaltas na h-Alba ro dheireadh na bliadhna.

Tha Roxburghe Estates a’ gabhail a-steach gnothachais malairteach (leithid Taigh-òsta an Roxburghe agus an Terrace Café) a bharrachd air obraichean a-mach às an t-sealladh (leithid goileadair biomass agus tuathanas-gaoithe) a tha uile ag amas air beatha na h-oighreachd a leasachadh agus an àrainneachd mu timcheall a ghlèidheadh. Tha obair cuideachd a’ dol air adhart, còmhla ri tuathanaich agus geamairean, gus gnèithean dùthchasach leithid an fheòrag ruadh agus an rèir-chearc a thèarmannachadh. Tha an oighreachd a’ fastadh 170 luchd-obrach agus a’ tabhann 250 taighean, agus tha fearann agus togalaichean na h-oighreachd ri fhaotainn airson cur-seachadan na coimhearsnachd.

Tha Lìonra Fèidh Machraichean na h-Alba na chompàirteachas dhiubhsan aig a bheil ùidh ann an cur smachd air na fèidh agus ann an sochair nam fiadh agus dhiubhsan aig a bheil sealbh no smachd air machraichean far am faighear fèidh. Tha an lìonra a’ creidsinn gum faod fèidh, ged a tha mòran a’ gabhail tlachd asta agus iad gam faicinn mar shoidhne de bhith-iomadachd nas fhèarr, a bhith a’ dochann chùisean glèidhteachais-nàdair leithid fearann coillteach, tuathanais agus gàrraidhean prìobhaideach a bharrachd air bhith nan adhbhar thubaistean-rathaid. Ged nach bi gach uachdaran ag aithneachadh na feuma airson foirm sam bith de chur smachd air fèidh, faodaidh an lìonra fianais a thoirt air beulaibh na Comataidh air riatanas meudaichte airson plana a thoirt air adhart airson cumail smachd air fèidh fhad ’s thathar ag aithneachadh nan sochairean a thig nan lùib.

Cùl-fhiosrachadh

Tha Comataidh Cùisean Dùthchail, Atharrachadh Clìomaid agus an Àrainneachd (a’ Chomataidh RACCE) a’ sgrùdadh mholaidhean poileasaidh Riaghaltas na h-Alba a bhuineas ri cùisean dùthchail, atharrachadh clìomaid agus an àrainneachd.

  • Cuir tweets thugainn leis do bheachdan no ceistean le #landreformbill
  • Lean na tweets beò bho thursan na Comataidh aig @SP_RuralClimate
  • Leugh na tha daoine air a bhith ag ràdh ris a’ Chomataidh gu ruige seo mu ath-leasachadh fearainn: Bile Ath-leasachadh an Fhearainn

Airson barrachd fiosrachaidh:

The Roxburghe Estate:  http://www.roxburghe.net/estate

Lìonra Fèidh Machraichean na h-Alba: http://www.ldns.org.uk/

Coinnichidh a' Chomataidh ri tuathanaich-màil a bhruidhinn mu phàirt 10 de Bhile Ath-leasachadh an Fhearainn. Thathar an dùil gum beachdaichear air:

  • coimiseanair tuathanachais-màil a stèidheachadh
  • cur air bhonn foirm ùr de ghabhaltas (gabhaltas ùr-nodha de dh’fhad crìochnach);
  • a’ toirt air falbh an riatanas air luchd-gabhail gu bhith clàraichte airson còir ri cheannach;
  • a’ co-èigneachadh reic an tuathanais far a bheil an uachdaran a’ briseadh cumhaichean an aonta-màil;
  • ag atharrachadh mar a tha màil air obrachadh a-mach: a’ gluasad air falbh bho mhargaid fhosgailte airson comas cinneasachaidh an tuathanais a mheasadh;
  • ag atharrachadh nan rian airson còir-sheilbh a thoirt seachad ro do bhàs no an dèidh do bhàis – a’ leudachadh an àireimh de dhaoine ris am faod thu còir-sheilbh tuathanais a thoirt seachd;
  • a’ stèidheachadh mathanas coitcheann a mhaireas dà bhliadhna anns am faod luchd-gabhaltais cur an cèill nan leasachaidhean a rinn iad don tuathanas air chor ’s gum faod iad airgead-dìolaidh a thagradh an dèidh dhaibh an tuathanas fhàgail; agus
  • a’ dèanamh cinnteach gum feum uachdarain cead fhaighinn mus tòisich iad air leasachadh do thuathanas.

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.