Feumar sùil leantainneach a chumail air na thachras nuair a thèid colaistean a chur còmhla

28.09.2015

Tha Comataidh aig Pàrlamaid na h-Alba air fhoillseachadh an-diugh gu bheil dùbhlain air èirigh an lùib na h-obrach gus colaistean ann an Alba a chur còmhla agus gu bheil tuilleadh fiosrachaidh a dhìth gus an urrainnear a ràdh gu bheil an obair sin air soirbheachadh.

Thug Chomataidh Sgrùdadh Poblach grunn bheachdan is molaidhean seachad san aithisg aca, ‘Aithisg air Colaistean na h-Alba 2015’, agus thog iad draghan mu: cho fìor agus a bha e gun robh airgead ga shàbhaladh tro èifeachdas; a’ bhuaidh a bh’ ann air luchd-obrach is oileanaich; cho cunntachail agus a bha Stèidheachdan Neo-eisimeileach (ALFs); agus mar a chaidh dèiligeadh ri pàigheadh-crìochnachaidh do dhaoine a bha a’ fàgail nan dreuchdan aca san roinn.

Thuirt Neach-gairm aig a’ Chomataidh Sgrùdadh Poblach Pòl Màrtainn BPA

“Tha fios againn gu bheil e gu math doirbh, nuair a thig e gu bhith cur buidhnean còmhla, measadh ceart a dhèanamh air cosgaisean agus air an airgead a thathar an dùil a shàbhaladh. Thuirt Riaghaltas na h-Alba ris a’ Chomataidh gun rachadh ealla a ghabhail ri molaidhean a chomharraich an Àrd-neach-sgrùdaidh stèidhichte air an eòlas a fhuaras bho thursan eile a chaidh buidhnean poblach a chur còmhla. Mar sin ’s e briseadh-dùil a th’ ann nach deach aig Riaghaltas na h-Alba no Comhairle Mhaoineachaidh na h-Alba fhathast air figearan mionaideach a thoirt seachad gus sealltainn mar a chaidh airgead a shàbhaladh tro èifeachdas.

“Chaidh iomradh gu tric a thoirt air mar a bhathar a’ dol a shàbhaladh £50m, ach cha d’ fhuair sinn fianais gu leòr fhathast gus sin a dhearbhadh agus dh’iarr sinn soillearachadh air a’ chlàr-ama a th’ ann gus an t-sùim seo a shàbhaladh. Air sàillibh nan cosgaisean a bhios ag èirigh bho bhith cur buidhnean còmhla agus na draghan a th’ ann a thaobh cuid de na suimeannan a fhuair daoine nuair a dh’fhàg iad na dreuchdan aca, tha sinn air fiosrachadh nas mionaidiche iarraidh bho Riaghaltas na h-Alba air na cosgaisean airson buidhnean a chur còmhla agus air an airgead a chaidh a shàbhaladh.

“Cuideachd, ged a tha a’ Chomataidh a’ tuigsinn carson a tha colaistean a’ dèanamh feum de Stèidheachdan Neo-eisimeileach (ALFs), tha sinn ag iarraidh barrachd soillearachaidh air mar a thèid an cleachdadh agus sin fhaighinn tro bhith leudachadh reachdas Saorsa an Fhiosrachaidh gus an gabhail a-steach.

“Tha sinn a’ gabhail ris an toradh bho rannsachadh an Àrd-neach-sgrùdaidh gun robh am planadh airson buidhnean a chur còmhla san fharsaingeachd math, ach tha sinn a’ sireadh barrachd fianais air na buannachdan a thathar a’ cumail a-mach a th’ ann.”

’S iad an dà cholaiste far an robh “uireasbhaidhean nach beag” sa phròiseas gus pàigheadh-crìochnachaidh a thoirt do luchd-obrach, Colaiste Ceann a Tuath Ghlaschu agus Colaiste Coatbridge. Tha a’ Chomataidh Sgrùdadh Poblach fhathast a’ toirt sùil air aithisgean bhon Àrd-neach-sgrùdaidh air an dà cholaiste sin.

Cùl-fhiosrachadh 

Gheibhear an aithisg bhuntainneach bho Sgrùdadh an h-Alba an seo http://www.audit-scotland.gov.uk/docs/central/2015/nr_150402_scotlands_colleges.pdf

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.