Sireadh bheachdan mu sgrùdadh le Taigh an Ròid air HRMC a’ cruinneachadh Ìre na h-Alba de Chìs Teachd-a-steach

25.04.2013

Tha Comataidh Sgrùdaidh Phoblaich aig Pàrlamaid na h-Alba a’ sireadh bheachdan bho eòlaichean air cìs is sgrùdadh mun ìre de sgrùdadh is de dh’fhollaiseachd a bu chòir nochdadh ri HRMC nuair a bhios iad a’ cruinneachadh Ìre na h-Alba de Chìs Teachd-a-steach.

Enhanced with Microsoft Silverlight
Watch a short video interview with designer Felix Chabluk Smith

Further information and related videos

Agallamh le Iain Gray, Neach-gairm Chomataidh Sgrùdaidh Phoblaich, mu ìre na h-Alba de Chìs Teachd-a-steach.

Barrachd fiosrachaidh agus bhideothan ceangailte

Tha Ìre ùr na h-Alba de Chìs Teachd-a-steach a’ tighinn gu buil ann an Alba ann an 2016. Thèid a socrachadh le Pàrlamaid na h-Alba agus a chruinneachadh le Oifis nan Cìsean.

Tha àireamhan le Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte a’ measadh gun cosg stèidheachadh an t-siostaim ùir gus cìsean a thogail £40-45 millean, le cosgaisean-ruithe bliadhnail de £4.2 millean an dèidh sin, cosgaisean a thig air Riaghaltas na h-Alba.  

Tha Comataidh Sgrùdadh Poblach ag ràdh gu bheil e deatamach gun tèid aig Riaghaltas na h-Alba air HMRC a sgrùdadh agus a cheasnachadh agus a’ chìs ùr ga togail aice.  

Thuirt Neach-gairm Chomataidh Sgrùdaidh Phoblaich Iain Gray BPA:

“Fhad is a thig an deasbad air an referendum air adhart, cha bu chòir dhuinn dearmad a dhèanamh air an Ìre ùr de chìs ann an Alba a’ tighinn am bàrr. Ge b’ e dè an rathad a thèid an referendum, thig an Ìre ùr gu buil ann an 2016.

“Tha Riaghaltasan na h-Alba is na Rìoghachd Aonaichte ag obair còmhla mar-thà air a bhith ga toirt a-steach ach tha e cudromach gun tèid aig Pàrlamaid na h-Alba air sgrùdadh a dhèanamh air mar a nì HMRC agus a’ chìs ga togail aige.

“Ann am beagan fhaclan, tha sinn a’ dèanamh sgrùdaidh air ‘dè an ìre de mhionaideachd a bhios a dhìth oirnn gus HMRC a cheasnachadh?’.

“Dh’fhaodadh a’ bhuaidh aig gun a bhith a’ togail na cìse seo gu ceart a bhith domhainn airson caiteachas na h-Alba sna bliadhnaichean romhainn agus tha sinn ag iarraidh gun tèid aig HMRC air sealltainn dhan Phàrlamaid seo gu bheil i a’ dèanamh a cuid obrach gu ceart is gu h-èifeachdach.

“Is e an sealladh a tha againn gun fhiosrachadh ceart air rudan leithid ìrean de ghèilleadh, ìrean de mhearachdan is de dh’fhoill, a’ bheàrn-cìse is mar sin air adhart nach bi e comasach don Phàrlamaid seo dèanamh a-mach cho soirbheachail agus a tha HMRC air a bhith a thaobh togail na cìse. Sna mìosan a tha romhainn, bidh sinn a’ dèanamh sgrùdaidh gu cudromach air dè a dhèanamh frèam-sgrùdaidh iomchaidh.”

Gairm airson fianaise

Tha deich ceistean air a’ ghairm airson fianaise aig a’ chomataidh air a bheilear a’ sireadh bheachdan bho gach buidheann is neach le ùidh sa chùis. Is e an ceann-latha mu dheireadh a tha ann gus beachdan a chur a-steach 1 Iuchar 2013.

Cùl-fhiosrachadh

Tha Achd na h-Alba 2012 a’ tiomnadh ìre de chumhachdan ùra do Riaghaltas na h-Alba agus do Phàrlamaid na h-Alba. Tha cuid den fheadhainn as cudromaiche a’ buntainn ris na h-ullachaidhean mu ionmhas ann an Achd 2012 agus nam measg tha ullachaidhean gus ìre ùr de chìs teachd-a-steach ann an Alba a shocrachadh. 

Tha Comataidh Sgrùdaidh Phoblaich aig Pàrlamaid na h-Alba ag aithneachadh leis na cumhachdan ùra mun ìre de chìs ann an Alba gun tig atharrachadh cuideachd air an fhrèama-sgrùdaidh a tha ann an Alba an-dràsta. Tha i air aithisg eadar-amail fhoillseachadh an-diugh mun fhrèam a tha i a’ moladh gus Ìre na h-Alba de Chìs Teachd-a-steach a sgrùdadhThe new Scottish Rate of Income Tax (SRIT) comes into force in Scotland in 2016.  It will be set the Scottish Parliament and collected by HM Revenue and Customs.

Fios conaltraidh

Fios do na meadhanan

Fiosrachadh comataidh

Public information

  • Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
  • info@parliament.scot
  • Text 07786 209 888
  • Ask a question online through live chat
  • We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL

Keep up to date with us on:

keep up to date with what's happening in Parliament on Facebook Follow the Scottish Parliament on Twitter @ScotParl keep up to date with what's 
happening in Parliament on YouTube

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.