An t-Iuchar

Comataidh Eòrpach ag ainmeachadh luchd-fianais air Brexit

24.07.2016

Thig eaconamairean agus ceannardan gnìomhachais bho sheirbheisean ionmhais, bho bhiadh is deoch agus bho fhoghlam aig an àrd ìre gu Taigh an Ròid an t-seachdain seo, far am bi iad a’ mìneachadh dè a’ bhuil a bhios air Alba an dèidh a’ bhòt airson Brexit.

Comataidh Eòrpach ann an còmhraidhean sa Bhruiseal

19.07.2016

Tha buill den Chomataidh Eòrpach agus Dàimhean Taobh a-muigh ann am Pàrlamaid na h-Alba air latha de choinneamhan a chumail anns a’ Bhruiseal, agus iad a’ leantainn orra a’ sgrùdadh dè a’ bhuil a bhios air Alba bho Bhrexit.

Comataidh Eòrpach ann an còmraidhean sa Bhruiseal air dè a’ bhuil a bhios air Alba bho Bhrexit

17.07.2016

Tadhlaidh buill de Chomataidh Dàimhean Taobh a-muigh aig Pàrlamaid na h-Alba air a’ Bhruseil Dimàirt seo tighinn mar phàirt den sgrùdadh aca air a’ bhuil a bheir Brexit air Alba.

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.