Lùnastal

Cruthachadh buidheann inbhean-bidhe airson na h-Alba air taic fhaighinn bho Chomataidh na Slàinte

21.08.2014

Tha cruthachadh buidhneann air leth an urra ri inbhean-bidhe ann an Alba air taic fhaighinn bho Bhuill air Comataidh Slàinte agus Spòrs.

Buannachd eaconamach Fèisean Dhùn Èideann gu bhith ga sgrùdadh le BPAan

16.08.2014

Agus na mìltean de luchd-turais a’ tighinn a Dhùn Èideann air sgàth Fèisean an t-samhraidh, nì Comataidh Eaconamaidh, Cumhachd is Turasachd Pàrlamaid na h-Alba sgrùdadh air na buannachdan eaconamach aca.

Molaidhean mu chìsean tiomnaichte gu bhith air an sgrùdadh

14.08.2014

Tha a’ bhuaidh a bhios aig dòigh-dèiligidh Riaghaltas na h-Alba a thaobh cìsean tiomnaichte air margadh na seilbhe agus air an eaconamaidh san fharsaingeachd gu bhith air a sgrùdadh le Comataidh an Ionmhais.

Ceannardan cultarail air fàilte fhaighinn gu Pàrlamaid na h-Alba airson Cruinneachadh Cultair Eadar-nàiseanta Dhùn Èideann

10.08.2014

Thig ceannardan cultarail a’ riochdachadh còrr is 30 dùthchannan air feadh an t-saoghail cruinn còmhla an-diugh aig Pàrlamaid na h-Alba air a’ chiad latha de Thional Cultair Eadar-nàiseanta Dhùn Èideann.

Feumar aghaidh a chur ri smachd air geòidh na h-Alba gu deatamach a rèir Comataidh Cùisean Dùthchail

09.08.2014

Tha a bhith a’ cumail smachd air na th’ ann an Alba de gheòidh mar dhuilgheadas nàiseanta air am feumar aghaidh a chur gu deatamach, a rèir Comataidh Cùisean Dùthchail, Atharrachadh Clìomaid agus na h-Àrainneachd.

Ceòl, àbhachdas agus bàrdachd ann am Bàr Cafaidh aig an Fhèis Phoilitigs

08.08.2014

Tha Pàrlamaid na h-Alba air an clàr aice de dh’oirfideas an-asgaidh aig Bàr Cafaidh na Fèise aice a nochdadh an-diugh. Bheir am Bàr Cafaidh cothrom air measgachadh dha-rìribh de cheòl, de dh’àbhachdas agus de bhàrdachd.

‘In Time o’ Strife’ air a thoirt gu seòmar Thaigh an Ròid aig Tèatair Nàiseanta na h-Alba

04.08.2014

Thathar cleachdte ri dràma ann an seòmar deasbaid Thaigh an Ròid, ach ’s e dràma de sheòrsa eile a bhios ann agus dealbh-chluich Joe Corrie, mu choimhearsnachd mhèinnearan ri linn Stailc 1926, air chois ann am Pàrlamaid na h-Alba.

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.